Bha Mi Latha Samhraidh An Steòrnabhagh

Ishbel MacAskill

Sèist:
Bha mi latha samhraidh an Steòrnabhagh
Chunna mi rud ann agus chòrd e rium
Nighean bheag a' danns air a casan lom
Ribeanan na ceann agus cleòc oirre

Thàinig balach uasal is "Lorns" air
Thuirt e rith', "A luaidh, cur do bhrogan ort
Gus an téid sinn cuairt dhan a' Ghearraidh Chruaidh
'S dìridh mi suas Beinn na Drobha leat"

(Sèist)

"Cha téid mise cuairt chun na drobha leat
Ged a tha thu uasal is brògan ort
B'aill leam a bhith danns air mo chasan lom
Le fear a chluicheadh triomb no meileòidian"

(Sèist 2x)

Tracker

All lyrics are property and copyright of their owners. All lyrics provided for educational purposes only.